‘Cleiffis of Irne’ : Clann Choinnich agus Gnìomhachas Iarainn, c. 1569-1630

Maccoinnich, Aonghas; McLeod, Wilson and Fraser, James and Gunderloch, Anja, eds. (2006) ‘Cleiffis of Irne’ : Clann Choinnich agus Gnìomhachas Iarainn, c. 1569-1630. In: Cànan & Cultur. Dunedin Academic Press Ltd, Edinburgh, pp. 137-152. ISBN 1903765609

Full text not available in this repository.Request a copy

Abstract

Tha mòran luchd eachdraidh air a bhith dhan bheachd nach robh (is nach eil) math sam bith anns a' Ghaidhealtachd airson gnìomhachas neo obair 'adhartach' sam bith. Ach tha fianais ann o oighreachd MhicChoinnich, 1569-1630, a thogas ceistean ann an aghaidh leithid de mhodail. A rèir cunntasan on oighreachd bhathar ag obrachadh iarann air taobh siar Rois gu ìre meadhanach mòr rè an t-siathamh linn deug. Ged a tha luchd eachdraidh air mothachadh gu robh gnìomhachas air taobh Siar Rois, anns a' chiad cairteal dhan 17mh linn, bha e soilleir carson - sin gu robh Sir George Hay, ''adventurer' agus 'planter' Gallda agus 'sìobhalta' a' dol suas am measg nam borbaich (i.e. na Gaidheil) gus 'adhartas' a shealltainn dhaibh. Ach ged nach eil seo uile gu lèir ceàrr, tha fianais eile ann a sheallas gu robh gnothaich aig Clann Choinnich ris a' ghnìomhachas seo gu ìre tòrr mòr na bu mhotha na bhathar an dùil gu ruige seo. Tha an aiste seo a' toirt sùil mhionaideach air a' ghnìomhachas seo air taobh Siar Rois ann an sgìre Chinn Loch Iù. This essay, written in Gaelic, examines the iron industry in the Kinlochewe and Loch Maree areas in Wester Ross between 1569 and 1630. While historians have long known about industrial activity in this area, this has traditionally been attributed to the "civilised" planter, Sir George Hay who was active in the area between c.1607 and c.1620. New evidence, drawn from estate papers and other sources sheds new light on the nature of the iron industry in the area and is used to argue that this iron working activity predates the advent of Hay, and that it was instead controlled and directed locally.